| Cùrsaichean Gàidhlig is Ciùil (còig
làithean) |
£130 |
Cùrsaichean Gàidhlig
(dà sheachdain) |
£220 |
Cùrsaichean Goirid eile
(trì làithean) |
£90 |
Tha tì is cofaidh rin ceannach
aig an Ionad fhad's a bhios sibh air ur cùrsa. Chan eil goireasan
bìdh eile againn, ach bidh cafaidh Gàidhlig (Iuchar ‘s
an Lùnasdal) a’ dol san togalach a’ toirt seachad
tì/cofaidh, ceapairean is fuine. Tha cuideachd taghadh
de thaighean-òsta agus àiteachan bìdh eile shìos
an rathad bhuainn ann am Bogh Mòr.
Chan eil àiteachan-fuirich fhathast aig Ionad Chaluim Chille Ìle
airson oileanaich, ach thèid fiosrachadh air àiteachan-fuirich
sa choimhearsnachd a thoirt seachad leinn ‘nuair a chlàraicheas
sibh air cùrsa còmhla rinn. Tha cuideachd an cothrom agaibh àite-fuirich
a lorg dhuibh fhèin le bhith a' cur fios gu Oifis Turasachd
sa Bhogh Mòr air àireamh fòn
+44 (0)1496 810254.
Lùghdachadh air prìs nan Cùrsaichean
Tha an t-Ionad a’ tairgse lùghdachadh de £30 air na cùrsaichean
seachdaine do luchd a’ pheinsean, clann fo aois 18, oileanaich làn-thìde,
agus muinntir eilean Ìle is Dhiùra (lùghdachadh de £15
airson na cùrsaichean trì làithean ann an Gàidhlig
airson Luchd-tòiseachaidh is Fìdeag/Feadan |
ILA
(Individual Learning Account)
Tha sinn air leth toilichte gu bheil oileanaich air ar cùrsaichean
goirid Gàidhlig a-nis aithnichte airson taic-airgid bho ILA Alba.
Tha seo a’ ciallachadh
ma tha sibh a’ fuireach an Alba, ‘s dòcha gum bi e comasach
dhuibh taic-airgid de £200 aig a’ char is àirde sa bhliadhna
fhaighinn le cosgaisean ar cùrsaichean goirid Gàidhlig. Airson
tuilleadh fiosrachaidh, faicibh làrach-lìn ILA Alba no cuiribh
fòn thuca air 0800 100 1090.
Cùrsaichean air an cur dheth
’S dòcha aig amannan gum feum Ionad Chaluim Chille Ìle
cùrsaichean atharrachadh seach mar a th’ air innse sa bhileag-fiosrachaidh
seo, no cùrsaichean an cur dheth mura bi daoine gu leòr againn
air clàradh orra. Chan urrainn dhuinn airgead a thèid a phàigheadh ro-làimh a thuirt air ais, ach ann an suidheachain neo-àbhaisteach, leithid cùrsa air a chur dheth.
|